(navigation image)
Home American Libraries | Canadian Libraries | Universal Library | Community Texts | Project Gutenberg | Children's Library | Biodiversity Heritage Library | Additional Collections
Search: Advanced Search
Anonymous User (login or join us)
Upload
See other formats

Full text of "Caraid nam peacach"

C A RM D 



NAM PEACACH. 



$5g petrntsstrnt oi the Jlutitor. 



Theagamh gu'm bu ni ceart e, an leabhran so thoirt 'an iasad, 
no a leughadh, do'n dream a ta.tur aineolach mu shlighe na slàinte. 
Tha Dia air uairibh ag oibreachadh le meadhonaibh fìor iriosal,— agus 
co aig a bheil fiOs ciod is e a thoil-san a dheanamh le cuspair cho faoin 
ri so I (Ni cho neoineach ri so ; ) " A bheil ni sam bith ro chruaidh air 
an Tighearna ? " 



G. GALLIE & SON, GLASGOW. 
MACLACHLAN AND STEWART, EDINBURGH. 
1879. 



Digitized by the Internet Archive 
in 2014 



http://archive.org/details/caraidnampeacach1879hall 



C A R A I D 



NAM PEACACH. 



ytxmx88XQn of the Author. 



Theagamh gn'm bu ni ceart e, an leabhran so thoirt 'an iasad, 
no a lèughadh, do'n dream a ta tur aineolacb nm shlighe na slàinte. 
Tba Dia air uairibh ag oibreacliadli le meadhonaibh fìor iriosal,— agus 
cò aig a bheil fios ciod is e a thoil-san a dheanamh le cuspair cho faoin 
ri so ? (Ni cho neoineach ri so.) " A bheil ni sam bith ro chruaidh air 
an TigM&rna." 



G. GALLIE & SON, GLASGOW. 
MACLACHLAN AND STEWART, EDINBURGH. 
1879. 



I rejoice to find that the " Sinner's Friend" is to be 
published in the Gaelic. It is unnecessary for me to 
give an opinion as to the character and value of that 
excellent little work. But I beg leave to state, that I 
consider it a most suitable work to be put into the 
hands of the poor Highlanders. To them it must prove 
a valuable boon ; and I can truly say, that I know no 
person so capable of translating it into pure, simple 
idiomatic language as Mr. Munro, to whom it has been 
entrusted. He is one of the best Gaelic scholars living. 
I have looked over the MS. and it is just such as I 
expected from the hands of Mr. Munro. Most sin- 
cerely do I wish all manner of success to the work ; 
and it will afford me much pleasure, if I can in any 
way promote its circulation. 

NOE. M'LEOD, 

Minister of St. Columba, Glasnow. 



10th February, 1837. 



CARAID A' PHEACAICH. 



A PHEACAICH! 

BINNEADH AN LEABHKAN BEAG SO AIH DO 
SHON-SA ! 

A chum Ddchas agus Furtachd, Aoibhneas agus 
Slth a thoirt dhuit. 

Amhain creid gu bheil Dia toileach maitheanas a thoirt do 
gach uile pheacach aithreachail, agus guidh gu durachdach 
AIE.SON tròcair a dheanamh ort, agus biodh dearbh-chinnt 
agad gu'n dean e maitheanas a thoirt dhuit (seadh, eadhon 
dliuit-sa) air sgàth à mhic ghràdhaich fèin. 

Cuimhnich — " Gu bheil an Tighearnaa feitheamh gu bhi 
gràsmhor :" uime sin, fuadaich uait buaireadh Shàtain ; 's 
e à mhiannsan nach biodh earbsa agad à tròcairibh Dhè, 
agus a thoirt ort a chreidsinn gu bheil do pheacannan cho 
anabarrach mbr's nach faodar am maitheadh. Ach tha sin 
eu-comasach, a chionn " glanaidh firil Chriosd o gach tjile 
pheacadh." 

Na cumadh do chogais ort màirneal 
Le smuainte bàth nach 'eil thu relth ; 
'S i so 'n aon uigheam tha E 'g iarraidh, 
Mothach' giar thu bhi 'nà' fhèum-s\ 

S i urnaigh dhiomhaìr, dhùrachdach, an t-aon seòl tait- 
neach, sir-chinnteach, air faochadh agus furtachd fhaighinn, 
ri linn nan ànrath a's truime. 

Cridhe maoth, briste, brùite ; mothachadh iriseal gu'n do 
thoill sinn dìteadh ; iarrtas dùrachdach air tròcair ; is 
nithean iad sin a tha dol 'an cois slàinte, agus ris nach cuir 
ar Dia gràsmhor-ne cùl gu bràih. 



4 



Tilgte do dh-Ifrinn ! 

Tilgear na h-AiNGn>H do dh-lFEiNN, agus na cinnich sin uìle 
a ni dichuimlm' air Dia ! — ix Salm, 17. 

NAOH UAMHASACH A' BHINN SO ! 
A Pheacaich thruaigh — Ciod a ni thusa 's a' chuis eagal- 
aich so ? Ciamar a thàrras tusa as o bhinn na muinntir 
aingidh sin a theid a thoirt thairis do thruaighe neochrio- 
chnaich ? 

Gabh aitJireachas, agus creid anns an Tighearua Iosa 
Criosd, agus nithear thusa a thèarnadh. Grniomhar xvi, 31. 

Cha chuimhnichear dhuit lochd air bith a rinn thu. — 
Esec. xxxiii, 16. 

Tha an Tighearna a' tearnadh aig an aona uair dèug,-^tèar- 
naidh e gus a chuid a's faide mach; uime sin, na toir Geill 
gu bràth. Gidheadh, na cuir dàil sealain 's an aithreactias. — 
Theagamh gur h-e 'm maireach do latha deirionnach. 

Thig la a' Bhreathanais ann an ùine^or ghoirid. 
Seall air an ath dhuilleìg, agus lèugli a' mhisneach a tha 
agadsa d'earbsa a chur ann an tròcair an Dia chaoimh sin 
aig nach eil tlachd sam bith ann àm bàs peacaich (Esec. 
xxxiii, 11}. Agus a gheall nach tilg e mach aon air bith a 
thig d à ìonnsaidh (le cridhe dìblidh, brùite) ag earbsadh 
ann an toillteanas à mhic ghràdhaich. 

Tha aitheeachas agus Maitheazstas do-sgaraichte o chèile. 
Luc. xxiv, 47. 

CUIMHNICH A-EITHISD 
Nach eil peacadh sam bitb ann nach gabh. maitheadh, ach 
am peacadh 'an aghaidh an Spioraid Naoimh. — Mata. xii, 
31, 32. 



Oha 'n eil diultadh air Aon idir. 

' ' An tì a thig a'm ionnsaidh, cha tilg mise, air chor SAM 
bith, a mach e. Agus is i à thoilsan a chuir uaithe mise, 
gu'm biodh a' bheatha mhairionnach aig Gach uile aon 
a chi am Mac, agus a chreideas ann ; — agus togaidh mise 
'n àird e air an latha dheirionnach." — Eoin vi, 37-40. 

Tha dearbhachd 'g à toirt anns na briathraibh so, nach 
diùltadh Dia aon neach sam bith, a thigeadh h-uige air son 



5 



slàinte d'à anam, le iarrtas dùrachdach a' bheannachd sin 
fhaotainn, ann an earbsa ri fìrinn, ri cumhachd, agus ri 
gràs Dhè, agus a' cleachdadh na meadhoinean a shònraich 
e-fèin : a dh' aindheoin meudachd cionta peacaich roimhe so, 
a dh' aindheoin a sheann chleachdannan mi-bheusail, a, 
thràillealachd do Shàtan, agus anfhainneachd à thigheachd 
gu Oriosd — gidheadh nach tugadh sin air Dia cùl a chur 
ris ; agus ni mo a runaich Dia, le ordugh dìomhair, cul a 
chur ris. Pd so, tha toil an Athar (a thainig am mac a 
nuas à neamh a choilionadh) gu h-iomlan a' co-chordadh ; 
is i à thoilsan, nach diùlteadh 's nach càillteadh, 'am beatha 
no 'am bàs, aonan diu-san a thugadh do'n Mhac, ach gu'n 
racbadh gach uile aon diu a thogail an àird gu sonas sior- 
ruidh, aig an latha dheirionnach. 

Tha Iosa, cha'n e mhàin a' saoradh gach uile a chreideas 
ann agus a ghèilleas dha, ach tha e 'gàn teasraiginn o 
chiont, o dhìteadh, o chumhachd agus o thruaillidheachd 
àm peacannan gu lèir ; agus, fa dheireadh, saoraidh e iad o 
bhith* a bhi idir aig a' pheacadh annta, agus o chumhachd 
a bhi aige thairis orra, an uair a shluigear suas am bàs le 
buaidh, agus a dh' iompaichear bròn gu solas siorruidh. 

A Pheacaich ! a bheil thu 'n imcheist ? An diult thu, 
fad mionaid na h-uaire, an tairgse ghlòrmhor so air tròcair ? 
'S e so la' na slàinte — agus tha'n t-àm sona iar teachd ortsa 
's am faodar do pheacannan lionmhor a dhubhadh as, agus 
d' anam a shaoradh gu siorruidh. Tha caomh-chion aig 
Iosa ort chum do mhaith. ! gabh ris ann ad chridhe, 
agus bheir e leis do neamh thu. 

Gu'n robh an earrann so 'nà beannachd agus 'nà misnich 
cho mòr do gach aon a lèughas i, agus a bha i do 'n aon a 
rinn a sgriobhadh ! 



Na cul-sleomhnaich iar an Aiseag. 

Pillibh, a clilann chul-sleomJinach, agus leighisidh raise bhur 
cul-sleomhnachadh. Ieremia iii, 22. Faic fòs Lucas xv, 
20. An uair a bha e fathast fad air falbh — 

(Nach ann an so a tha a' chaomh-throcair !) 

Eisd, mata, ri guth d' Athar agus d' aodhaire ghràdhaich, 
thusa a leinibh chùl-sleòmhnaich agus a chaora chaillte, 
'» e gu dùrachdach ag èughach Till, Till ! Na ruith tuille 
air an t-slighe leathainn maille ris an t-saoghal. Nach eil 
* bheò, bheatha. 



6 

thu fathast sgith de phlaoisg an t-saoghail? Nach eil 
iomagain idir ort mu d' auam ? Nach iomain sin thu gu 
Dia ? Fèuch ! tha d' Atliair agus d' Aodhaire 'g' ad iarraidh. 
Tha e iar dol a mach mar thà g'ad choinneachadh 's g'ad 
ghairm. Gabhaidh e riut gu toileach agus gu h-aoibhneach. 
Thig, amhàin ag ùrnaigh mar bha am mac Stròghail, agus 
blieir e dhuit maitheanas gu saor, cia bith à mheud 'sa 
pheacaich thu 'nà aghaidh. Tha e comasach air gach 
truaillidheacJid a's gràineile 'n ad chridhe a chasg agus a 
leigheas : is urrainn e eadhon do shaoradh à craos ifrinn 
agus an diabhoil. Cha 'n e sin amhàin, ach ged robh seilbh 
aig còrr agus seachd deomhain ort, bu chomasach e air an 
tilgeadh asad, Tòisich ri gairm air gu durachdach aim an 
ùrnaigh, agus, bochd is truagh mar tha thu, thig h-uige 
mar lighiche d' anma, chionn tha 'n lighiche agus an 
t-èuslan (Slànaighear beairteach agus peacach bochd), ro 
fhreagarrach air à cheile. 

Tha e 'leigheas ar n-euslaintean uile, agusfaodaidh eanni 
sin a dheanamh comasach a shaoileas tusa' bhi ro eu- 
comasach. 

Iosa, — làn de fhirinn 'us de ghràs, 

Na's làine de ghràs na mise de chiont, 

A rithisd aon uair iarram d'aodann gràidh 

Cuairt-ghlac mi le d' ghàirdean is tàth mi riut, 

Dean leòintean m' anma thruaigh a nighe ; 

Gu ùrnaigh deasaich f onn mo chridhe ; 

! maith mo sheachrain dhomh gu saor ! 

'S do'n pheacach àin-dìleas thoir fathast gaol. 



Am Misgear iar 'Aiseag. 

Ma ghlacar neach ami an coire air bith, sibhse a ta spioradail, 
togaibh suas a shamhail sin de dhuine ann an spiorad na 
macantachd ; a' toirt aire dhuit fein nach buairear thu mar 
an ceudna. — Galat. vi, 1. 

Nach beannaichte an teagasg gràdh Chriosd do pheacaich 
bhochd, chiontach, a thuit, agus a thoill ifrinn ! agus 'an 
aite bhi togail suas an sul ann an dòrainn shiorruidh, aig a 
bheil cuireadh is ath-chuireadh tigheachd gu saor gu Tobar 
na trocaire chum's gu'n nighear air falbh am peacannau 
uile, agus gu'n deanar geal an anamannan ann am fuil an 
Uain. 



7 



" A !— deir am peacach bochd faiteach cùl-sleòinhnach, — 
faodaidh sofreagairtgufiormhaith dhoibhsannach do chion- 
taich cho trom 's a rinn mise, — 'an aghaidh an t-soluis, — 
agus eòlais, — agus 'an aghaidh fairtheanadh* mo choigais 
fein, — agus eadhon 'an aghaidh tùr-nadarra mo dheagh- 
thuigse ièm. : Ochan mise ! — cha bhuin na geallanna gràs- 
mhor sin domhsa." Ciod a thubhairt thu ? Cha bhuin iad 
dhtjitsa ! Carson ? An e gu bheil clorus na Tròcair cho 
cumhann 's nach faigh thusa troimhe ? An e gu bheil fuil 
Ohriosd cho neo-bhrigWor ' is nach teid aice air do thruail- 
lidheachd-sa uile 'ghlanadh, ged robh thu deich mile uair 
na's miosa na ta thu ? 

An cuir thu teagamh ann am facal caomh, misneachaidh 
athae, ghràdhaich, a ta le sitil iomagainnich ri faire ort, a 
taosgadh a-mach cuiridh ghràsmhoir, ag ràdh, " Ciamar a 
leigeas mi dhiom thu ? Ephraim, till ris an Tighearna do 
Dhia oir cha chuir mise 'an gniomh gairge mo chorruich ; 
cha sgrios mi Ephraim ; chionn is mise Dia, agus cha duine. 
Thugaibh leibh briathran, agus tillibh ris an Tighearna, agus 
aidichibh ur peacannan." — Agus a-rithisd a pheacaich 
thruaigh, faic ciod a thaisg Dia gu caomh suas air chionn 
a leinibh anfliainn fo theinn a' pheacaidh ; — cha 'n e slat ; 
— cha 'n e mollachd; ach briathran milis, caoin, tròcaireach, 
a their e ('s e feitheamh ri d' thigheachd) a thoirt misnich 
do d' chridhe leòinte, — " Leighisidh mise à chùl-sleomh- 
nachadh ; gràdhaichidh mi e gu saor ; oir phill mo chor 
ruich air falbh uaithe." — Hosea xiv, 4. 

An dean thu màirneal mionaid, mata ? — do an diult thu 
an tròcair sin a ta 'ga tairgse cho saor leis-san ata feith- 
eamh gu bhi gràs'or ? An cum thu DIA a' feitheamh riut ? 
O ! a chomh-pheacaich ! tilg gun dàil thu fein aig stòl à 
choise, far a bheil, mar an ceudna, Criosd e fèin a'f eitheamh 
riut gus do ghlacadh le 'ghràdh maitheachail.+ Leighisidh 
Esajt gach uile èucail, gach xhle pheacadh : — agus tha e 
fad-fhulangach eadhon ri diu nan diù. Cha tilg e thusa 
air falbh. 



* Sanuis, carail. 



t Maitheanais. 



8 



Sith do Ohogais Chiontaich. 

Shlànaich do chreidimh tliu ; imich 'an Sith. — Lucas 
vii, 50. 

Cha do chuir am boirionnach bochd so, oibrean màith sam 
bith 'an gniomh, roimh 'n àm so, a bheireadh air an Tighearna 
taobh a bhi aige rithe, — acli thainig i d'à ionnsaidh comh- 
luath 's a mliothaich i dearbliachcl air a peacadh : — chreid 
i gu'n robh cumhachd aigesan maitheanas a thoirt dhi : — 
agus fhuair i maitheanas gun dàil, ged à bha a peacannan 
lionmhor. 

'Nis a chomh-pheacaich, — tha 'an so agadsa gach mis- 
neach a's comasach a bhi, deanamh mar rinn ise chum's 
gu'n ruig thu air a' bheannachd cheudna, air an trocair 
cheudna, air a' mhaitlieanas cheudna. Tha Criosd cho 
deònach an diugh, 'sa bha e o cheann 8 ceud deug bliadhna, 
furan agus maitheanas a thoirt do gach peacach fein-dhitte 
a thig h-uige, a dh'-iarraidh fasgaidh agus fuasglaidh : agus 
cha chuis-bhacaidh dhuit e tighinn h-uige ged tha do pheac- 
annan anabarrach duaichnidh, agus ged do lean thu annta 
iomad bliadhna ; tha cumhachd, gràdh agus trocair Ohriosd, 
gu mor a' toirt barr air peacannan an t-saogliail uile. 

Tha e gle chosail gu'm bu bhana-pheacach ro chomhar- 
raichte am boirionnach bochd ud a thainig far an robh an 
Tighearna, tè do'n dream bu shuairiche fad ioma bliadhna ; 
gidheadh cha d'f huair i bèum no beulom air à shon sin ; cha 
d' rinneadh eadhon luaidh air gnè k cuid ciont (Esec. xxxiii, 
16) agus 'an àit' i bhi iar à fuadach air falbh ann a 
h-aingidheachd, 's ann a choinnich i ri gaol agus trocair a 
mhaith dhi à ciont, agus a dh'iarr oirre falbh ann an sith. 

Faodaidh an earrann so tachairt air crèutair bochd eigin 
de bhoirionnach, a ta, ma dh'fhaoite, cho truaillidh agus 
cho dìblidh, diù, ris an tè 'chaidh iomradh, tè a chaidh 
moran d' a beatha ann an slighe shuaraich shalaich — ach 
cha'n eil fàth eu-dòchais aice — is ionnan do Chriosd fathast; 
tha e lan trocair ; lan firinn ; agus ' ' saoraidh e chum na 
criche 's /aide mach gach uile a thig gu Dia trid-san." 

A h-uile peacach bochd a dh'iarras maitheanas 'na phea- 
cadh, le run cridhe gu'n trèig e e, gheibh e maitheanas ann 
am priobadh. Tha an Tighearna daonnan toileach maitheanas 
a thoirt seachad. Faic cuis an Lobhair thruaigh ann am 
Marc, an i. chaib. r. 41, 42. 



9 



Maitheanas do'n Chiontach. 

Glan mi le hisop, agus bithidh mi glan ; ionnlaid mi agus 
bithidh mi no's gile na'n sneachda. Falaich do ghnids o m' 
pheacaibh, agus dubh as m' èuceartan gu leir. — Salm li, 
7-9. ' Ged robh urpeacannan (dearg) mar sgarlaid, nithear 
cho geal ris an t-sneachd iad ; ged robh iad (trom dhearg) 
mar chorcur, nithear geal iad mar olann. — Isaia i, 18. 

DJutbh mi as mar neuld'euceartan, agus mar cheo do lochdan; 
pill rium oir sliaor mis' thu. — Isa. xliv, 22. 

Cha chòir dhuinn f uireach air falbh o Chriosd, dh' aindheoin 
ar tuislidhean agus ar coireannan iomadach ; thilgeadh sin 
sinn fo'n lagh a-rithisd agus cheangladh e sinn fo dhiteadh ; 
ach bu chòir dhuinn sinn fein a strìochdadh air ball 'am 
fianuis Dhè, agus maitheanas iarraidh gu dùrachdach, air 
sgath fala Chriosd. Mar is faide chuireas sinn dàil ann an 
so, is ann a's miosa 'dh' fhàsas ar cor ; agus mar a's luaithe 
'nì sinn e, 's ann a's luaithe 'gheibh sinn maitheanas. A 
thaobh's nach eil an Tighearna 'gagairt oirnn nam peacannan 
sin as 'na ghabh sinn dearbh-aithreachas, tilleadh ar n-anam 
a-rìthisd g'à fhois : agus 'an àite dhuinn tuiteam (mar 
shaoileas cuid) ann an tèaruinnteachd fheòlmhor, 's ann a 
neartaichear ar creidimh agus a nithear sinn na's furachaire. 
Greas, ma ta, agus thig cho luath agus cho maith 's a 's 
comas dhuit. Gabhaidh esan riut ged nach bu chomas 
dhuit direach ach snàgan. 

Gabh impidh tighinn direach mar thà thu ; 's e sin direach 
an ceart chor amis an gabh Criosd ri peacaich. Na'm bu 
chomas dhuit à dhearbhadh gu bheil thu ann a leithid de 
chor 's nach bu chomas tròcair idir a nochdadh dhuit, 
bhiodh lethsgeul agad dàil a dheanamh, chum 's gu'n 
oidhirpicheadh tu air thu fein a dheasachadh; ach cha ghabh 
sin deanamh. Ami an sealladh Dhe cha 'n aindeise idir d' 
aindeise-sa ; mar a's miosa do chor, 's ann a's mo tha dh' 
aobhar agad grad thoirt ort gu Criosd ; agus mar a's faide 
dh' fhanas tu air d' ais, is ann a's cunnartaiche 'chuis. 



10 



Fireanachadh Saor. 

Am peacannan no an euceartan cha chuimhnich mi tuille. — 
Eabh. x, 17. Ier. xxxi, 34. Isa. xliii, 25. Esec. xxxvi, 
25-29. Mica, vii, 19. 

Ann an saor-fhireanachadh peacaich 'am fianuis Dhe, ami 
a bhi 'gabhail ris, agus a' toirt dha sìth cogaise, tha 'n 
soisgeul a' taisbeanadh à chumhachd fein a chum slàinte. 
Tha e a' teachd dh'ionnsaidh a' pheacaich aithreachail mar 
fhrithealadh na fireantachd, — mar ghuth relte agus sithe. 
Tha e a' fosgladh dorsan a' phriosain, agus a' toirt à chead 
do'n chiomach. Bu làidir cumhachd an lagha ; ach, ann an 
coimeas ris an t-soisgeul, bu laigsinn an lagh, agus cha bu 
chomas dha ni sam bith a dheanamh foirfidh. Bu chumh- 
achd gu sgrios, neart an lagha. Is cumhachd a bheir bed, 
cumhachd an t-soisgeil. Cha b'urrainn do'n lagh, ach an 
duine bha fotha roimhe, a chumail fotha ; cha b' urrainn 
da gu brath beatha thoirt dha a-rithisd. Ach is treasa gu 
mòr a' chumhachd a bheir beatha, na a' chumhachd a bheir 
bàs. Tha 'n soisgeul mar so cumhachdach gu dol seachad 
air easaontas 'us air a' pheacadh ; — air saorsa thoirt do na 
h-anamaibh a ta 'n sàs, agus air dànachd a thoirt, 'am 
fianuis Righ nan Naomh, do phriosanaich thruagh an 
Diabhoil. An uair a bheirear cridhe a' pheacaich fo 
chumhachd an t-soisgeil le feairt an Spioraid Naoimh, bheir 
e air falbh uallach à chionta ; cuiridh e tosd air gach 
iomchair ; lionaidh e 'n creideach le misneach an dòchais ; 
toirmisgidh e do gach ball-armachd soirbheachadh 'nà 
aghaidh ; agus dìtidh e gach teanga a ghluaiseas ann am 
breathanas an aghaidh anama. Am fireanachadh a ni an 
Soisgeul — tha e buileach agus iomlan. Uile pheacannan 
beatha iomlan duine, cia bith lionmhor iad, cia bith an- 
tromaichte, tha iad iar an dubhadh as, ann am priobadh, 
agus sin gu siorruidh. (Lucas vii, 47.) Co chuireas ni 
sam bith à leth pobull taghte Dhe ? 'S e Dia a dh' fhirean- 
aicheas. Co e a dhìteas ? 'S e Criosd 'fhuair bàs ; 's e 
b'àille leam a ràdh, a dh' èirich a-rithisd ; — a tà aig deas 
laimh Dhe gu siorruidh ; agus, far am beil Criosd, 'an sin is 
èigin d'à luchd-leanmhainn a bhi mar an ceudna. 

Amis a' chaochladh iomlan so air dàimh peacaich ri Dia, 
tha an soisgeul a' taisbeanadh a mhor- chumhachd fein, tha 
e a' tionndadh faobhar a' chlaidheimh-bhreathanais gn 
taobh, agus a' deanamh aoibhneis e bhi buadhachadh thair 
diteadh ; a' bhi saoradh anama o eagal, — o chunnart, — 
agus o'n bhàs : — tha e taisbeanadh gur h-e cumhachd Dhe 
e a chum Slatnte. A pheacaich ! Dean aoibhneas. 



11 



Naomhachadh. 

Naomhaichibh an Tighearna Dia ann 'ur cridheachaibh. 
1 Pheadar iii, 15. 

Tha mòran ann a ghabhas gu toil each ri teagasg an fhirean- 
achaidh, trid creidimh (Rom. iii, 28), ach nach 'eil cho fior 
thoileach gabhail ri teagasg eile ata co-ionan cudthromach , 
's e sin naomhachadh, le còmhnuidhbhi aigan Spiorad naomh 
a stigh 's a' chridhe (1 Chorint. iii, 16, 17), no, ann am 
briathraibh eile, Criosd a bhi daonnan 'n àn taobh a-stigh 
'mar an fhionain fhiòr. (Eoin xv, 4, 5. ) 

Clia'n eil coir, no ughdarras idir, o'n sgriobtur naomh 
aig neach air bith, a smaoineachadh gu bheil e fein air fhir- 
eanachadh mur h-eil e f os air a naomhachadh agus a' dearbh- 
adh sin le giùlan 's le caitheamh-beatha ath-nuadhaichte. 
Cha dean caochladh sam bith o'n leth a-mach fèum ; is 
obair o'n leth a-stigh a dh'fhèumas a bhi ann, a dhùisgeas 
fuath do gach uile smuain, do gach uile bhriatbar, agus do 
gach uile ghniomh peacach. Cha 'n e mhàin gu'm fèum 
sinn gach uile choslas uile a sheachnadh, ach 's ann is fhèudar 
dhuinn gràin a bhi againn do uile tliograidhean peacach ar 
nàduir, agus cath 'nan aghaidh ; — uile tliograidhean an 
duine o'n leth stigh, — far nach comasach do shuil sam bith, 
ach sùil Dhè, dearcadh. Cha dean biùthas no deagh- 
bharail ar co-pheacach ach ar mealladh gu truagh, mur bi 
ar cogais aonsgeulach leinn, a' toirt fianuis gu bheil fadal 
agus miann dùrachdach òirnn a bhi air ar naomhachadh o 
gach uile shal, — airchor's gu'm bi ar n-imeachd gu dearbh 
dlù air Dia. 

Fèumaidh sinn sinn-fein a sgaradh gu buileach o gach uile 
ni mi-naomha ann an gniomh 's ann an smuain ; agus is 
fhèudar dhuinn, mar an cèudna, dùlan treun a thoirt do 
sgeig 'us do bhùrd ar seann chompanach, agus an t-saoghail, 
na'm bu mhiann leinn deagh-ghean Dhe a mhealtainn, no 
teachd beò chum à ghlòire (2 Timo. iii, 12). Cha dean 
leth-obair fèum : fèumaidh sinn a bhi uile air taobh Dhia : 
'an sin siubhlaidh ar sith mar abhainn ; 'an sin "ath- 
uraichear sinn ann an spiorad ar n-inntinne ; " 'an sin 
cuiridh sinn umainn an nuadh dhuine, ata, do rèir Dhè, air 
à chruthachadh ann am f ireantachd agus fior naomhachd — 
oir, as èugmhais naomhachd cha'n fhaic duine sam bith Dia. 

Fhir-aidmheil neo-chùraimich ! — bi air d' fhaicill nach 
dean thu faoineis de naomhachd, no de'n pheacadh : ma ni 
thu dearmad air an aon, no ma chleachdas tu 'n t-aon eile, 
tha sin co-ionnan gu d' sgrios (Sèum. iii, 8). Duisg a chum 



12 



fìreantachd, agus na peacaich ; oir tha mòran ann ata 'nàn 
nàimhdean do chrann-cèusaidh Chriosd— a ta ri uaill as àn 
nàire, — daoine aindiadhaidh do'n ceann-crìcke sgrios. Na 
bithibhse mar iadsan, ach naomhaichibh an Tighearna ann 
bhur cridhe, agus cumaibh sibh-f ein ann an gràdh Dhè gun 
smal o'n t-saoghal, agus ur dùil ri gràs ar Tighearna Iosa 
Criosd chum na beatha mairionnaich ; agus gu'n deònaich- 
eadh Dia dhuibh a' bheannachd so, — air sgath Chriosd 
amhàin. Amen. 



Mathanas do dhiu nam peacach. 

Thainig Mac an duine a shireadh agus a thearxadh an nì 
sin a bha caillte. Lucas xix, 10. 

'S e so an turas caomh air an d'thainig Mac siorruidh Dhia, 
Teachdair na sithe, am Fear-rèite eadar Dia agus daoine, 
" A theàrnadh na bha caillte !! " Tha ni-eigin uamhasach 
mòralach anns an tròcair ata 'n so air à gairm. "A 
theaenadh na bha caillte ! " Ciod ? — Na du-bhaobhan? 
na dù-pheacaich ? An tèarnar iad sin ? Tèarnar ; na 
h-uile h-aon a thig gu IOSA — tèarnar gu dearbh iad ; oir 
chuir e-f èin 'an cèill gu 'm maithear gach uile ghnè pheacadh 
agus thoibheum do'n fhior aitheeachan". (Mata. xii, 31.) 
Pol, a bha 'na fhear-toibheum, chaidh sin a mhathadh dha, 
agus à chur 'an drèuchd Searmonaiche, a shearmonachadh 
ant-soisgeil do shaoghal caillte, (Gal. i, 23 ; 1 Tim. i, 12-16.) 

Seall an àird, mata, a pheacaich bhochd, co sam bith thu, 
no cia sam bith mar pheacaich thu 'an aghaidh Dhia, — seall 
'an àird, agus creid anns an Tighearna Iosa Criosd, agus 
theid thusa gu cinnteach a thèarnadh ; chionn chuir Esan 
fein an cèill gu'n d' thainig e thèarnadh do leithldsa. 
Dean aithreachas, mata, chum's gu'n dubhar as do pheacannan 
(Gniomh ii, 12.) Tèarnar a h-uile fior aithreachan. Bu 
pheacach mòr Manasseh — mortair (2 Eigh. xxi, 16), ach 
ghabh e aithreachas, agus fhuair e maitheanas. Chaidh 
maitheanas a thoirt do mhiltibh de luchd-misge, de luchd- 
mhionn, 'us de mJii-chreidich ('an deigh aithreachais) agus 
àn gabhail a-stigh do rìoghachd nèimh. Seall an àird, 
mata, a pheacaich bhochd fhaiteich ; dean aithreaclias, 
agus creid deònachas* Dhia air thusa mar an ceudna 
ghabhail g' à chaoimh, agus cha tilgear a-mach thu. Cha 
chomas do ni sam bith do sgrios ach mi-chreidimh. A 

* B'i toil aii Tighearna an earrann so a dheanamh 'nà meadhoin air 
òganach iompachadh a bha 'na shrathaire scaireapach. Dh' èug e a' 
deanamh aoibhneas ann an Criosd. Do'n Tis'ìearna gu'nrobh'ncliù uile. 
* deòin, toil 



13 



mhàin thig gu IOSA mar pheacach truagh caillte, agus 
gheibh thusa slàinte — tha so cinnteach. Amhairc air 
Criosd, agus bi air do shaoradh. 



Maitheanas do naimhdibh Dhe ! 

Amhairciòh ormsa, agus bithibh air bhur saoradh, 'uile 
chriochan an t-saoghail. Isa. xlv, 22. Sibhse Ha 'n ur 
naimhdean do Dhia/f Rom. v, 10- Fad as, a? comh- 
lionadh iarrtasan na febla agus na h-inntinne. Eph. ii, 
3, 13. larraibh-se an Tighearna. Isa. lv, 6. 
O ! thusa, a pheacaich chiontaich, throm-luchdichte, 
cluinn an cuireadh beannaichte so : cluinn guth Dhia ! 
Amhairc air, mar Dhia a ta rèith riut trid fuil Chriosd. 
Cluinn guth na tròcair ta 'gairm gu ruig nor iomallaibh na 
talmhainn ; a' gairm air a' Mhisgeir, air an Toibhèumaiche, 
air an Eascreidmheach, air na h-aingidh de gach uile ainm 
agus inbhe ; — a' gairm air na h-uile Ceannairceach dalma 
seachranach e dheanamh àithreachais, agus roinn a ghab- 
hail de 'n tròcair sin a ta 'marsainn gu siorruidh ! 

Ged a chuireadh na h-Aingil naomha air ghlèus am 
feairtean mor-chumhachdach, agus ged a thogadh iad an 
àird na dàin as binne fonn, gidheadh, cha bu chomas 
dhoibh luaidh iomchaidh a dheanamh air anabarras a' 
ghràidh sin a thug Dia do pheacaich. 

'S e Dia amhàin — do'n aithne gràdh Dhè. 'S ann dasan 
amhàin a's aithne anabarras à thròcaire fèin, — ach 's aithne 
dhuinne gu bheil i làn-ph'ailt air son ar fèuma-ne, — agus 
nach comas do pheacach truaillidh sam bith teachd gu Dia 
ann an diomhanas ma thig e ann tre Iosa Criosd. 

An dean thu moille, ma ta ? An dean thu f uireach ? An 
dean thu stad ? Am bheil thu a' diultadh dol a-stigh do 
neamh ? An annsa leat an t-slighe chas a ta 'g aomadh sios 
do dh-IFEINN ! ! ! ! a pheacaich ! stad, — stad, — agus 
pill gu Dia. Na h-amhairc air do pheacaibh, ach seall air 
Criosd. Theagamh gur h-e 'm Màireach — do chrioch. 
Iarr Criosd an diugh: 's a' cheart uair so : 's a' cheart 
mhionaid so, — agus teich air son do bheatha ; — teich, mu'n 
iath lasraichan na h-ifrinn umad, 's mu'ii caillear t-anam 
gu siorruidh. 

Air raon an t-soisgeil stad, a pheacaich, 
Faic Mac Dhia a' taisbean gràidh 
Do-labhairt ' fhulangais, 's gach sochair 
Rinn e chosnadh dhuit le ' bhàs. 
Maitheanas do na h-Aingidh. Faic Esec. xviii, 21, gu 
deireadh; agus xxxiii, 11. Rannsaich iad sin. 



14 



Luchd a' chridhe Bhriste. 

Chuir an Tighearna mi a shlànachadh muinntir a) chridhe 
bhriste. a shearmonachadh saorsa do na ciomaich, a chur 
fa sgaoil na muinntir a ta sàraichte. Lucas iv, 18. 

A leughadair! — Theagamh gur bantrach bhochd thùrsach 
thu, a ta 'caoidh neach bu ghràdhaiche leat na do bheatha 
fèin ; — neo, theagamh. gur duine tiom-chridheach thu, a 
chaill, o cheann ghoirid, tè bha 'nà cul-aoibhneis do d' 
shùilibh, cèlle do shòlais agus do bhròin. — Ach co sam bith 
thù, a charaid, neo cia bith docair a tha 'cur ort, tha AON 
neach 'an so a tha toileach agus ullamh à togail uile dhiot, 
agus do chridhe briste a shlànachadh ; tha e deònach air 
do bhròn a thioimdadh gu òran molaidh, le e-fèin a 
thiodhlacadh ort mar làn èlrig air son do challtachd gu 
lèir. 

An ceart sgaradh so a tha thu 'g acain, ged is beach d 
leatsa gu bheil e dorcha, diomhair, theagamh gur meadhoin 
e gus do threòrachadh gu slighe na slàinte, ma shlèuchdas 
tu aig stairsneach na tròcair. Nach robh thu a' deanamh 
dearmad air mòr-shochairibh d' anma, 'n uair bha gach cuis 
a' soirbheachadh leat ? Nach trie a leig thu seachad cothrom 
air urnaigh a dheanamh, agus air cliù a sheinn ? Nach bu 
truime do chion air a' chrèutair na air a' Chruthadaib, ? 
Agus nach do chaidir thu gnothachas peacach 'an àite bhi 
'g àrach naomhachd ? Theagamh gu'n robh thu 'd mhisgear, 
'ad fhear mhionnan, no 'ad chul-sleamhnaiche, agus gur h-e 
sin fàth mu-m bheil thu 'd sheasamh le cridhe briste 'am 
fianuis an Tighearna. Ach nach 'eil comairc dhuit ann ? 
Seall air toiseach na h-earrainne so, a tha cho freagarrach 
do d' chor muladach, — agus tilg thu-fèin aig casaibh an Ti 
a theirinn à nèamh "a chur na muinntir bhrùite m'a 
sgaoil, — a shearmonachadh saorsa do na braighdibh, agus 
a leigheas luchd a' chridhe bhriste, agus, cia bith suarach 
's a bha thu, cha tilg e uaithe thu, agus cha leig e air falbh 
thu gun bheannachd. 

Thig, a lobhrain, glac an t-àms' 
A dhearbhadh gràdh mhic Dhè ; 
Is miann le ghaol do chobhair, 
'S ann an comas tha e trèun. 

Cha 'n urrainn pe^caich, a chaoidh, a bhi cho toileach an 
leigheas, 's a tha Criosd air àn leigheas a dheanamh. 



15 

Fois do'n mhuinntir Sharaichte. 

Thigibh h-ugamsa, sibhse uile a ta sàraichte, agus bheir 
mise dhtjibh Pois. Mata. xi, 28. 

Ann an so, tha Esan d'an urrainn amhàin uallach na ciont 
agus a' pheacaidh a thogail dhiun a' toirt saor-cliuradh do 
gach uile pheacach sàraichte, trom-luchdaichte ; — cha'n e 
amhain gu'm faod, ach fèumaidh gach uile neach a tha fo 
throm a' pheacaidh teachd gu Iosa, sacaichte le cionta mar 
a ta e, ma's dùil leis gu'm faigh e maitheanas. Fhad's a 
bhios sìnn ag oidhirpeachadh air sinn fein uidheamachadh 
le bhi deanamh deasacliaidh naomha dol h-uige, 's arm a 
tha sinn a' lionadh na slighe le cip-thuislidh a ta bacadh ar 
n-anama o ruigsinn air slàinte Chriosd. Is miann le Oriosd 
thoirt oirnn creidsinn annsan a ta fireanachadh nan ain- 
diadhach, agus uime sin, cha'n eil e 'g iarraidh gu'm 
bitheamaid diadhaidh muCn creid sinn ; thainig esan mar 
lèigh do na daoine tinne, agus cha'n eil e 'g iarraidh air 
chor sam bith gu'm biodh a' bheag de'n t-slàinte air à 
h-aisig dhoibh mu'n tig iad d'a ionnsaidh fèin. Tha na 
peacaich a's diùtha ' th'ann, deas-fhreagarrach air teachd 
fo'n innleachd thròcairich so, — innleachd do'n rùn anabarras 
saibhreas à ghràis-san a thaisbeanadh, a' maitheadh ar 
peacannan agus 'gar tèarnadh gu saor. Eph. ii, 5-9. Cha 
mhasladh sam bith e do Chriosd, agus cha dìmeas no tàir e 
air ceartas no air naomhachd Dhè, sinn a thighinn chum an 
t-slànuighir 'war peacaich thruaillidh; ach is tàir agus 
dimeas air gràs slàinteil, air toillteanas agus air lànachd 
Iosa e, sinn oidhirp a thoirt air sinn-fein a dheanamh 
fireanta agus naomh, mu'n gabh sinn ri Criosd e-fein, agus 
ri làn naomhachd agus làn-fhìreantachd annsan trid gràis. 

A pheacaich a ta trom fo chràdh, 

Thoir ort gu Criosd 'us gheibh thu slàint, 

Tha aige air gach galar buaidh, 

'S cha diùlt e fòir do thruagh nan truagh. 

Eannsaich na h-uile teagasg a ta air an cur sios 's an 
leabhrachan so. Bheir sin dhuit solas, agus dearbhaidh e 
na firinnean a ta so air an ainmeachadh. 



16 



Cumhachd Chriosd mar Lighiche. 

Slànaich mi, ! Tighearna, agus bithidh mi slàn. (Freag- 
airt Dhia :) Is mise an Tighearna d' fhear-slànachaidh. 
Ecsod. xv, 26. Iadsan a ta slàn cha'n eil fèum aca air 
lighiche. Mata. ix, 12. Chunnaic mise a shlighean agus 
.slànaichidh mi e. Isa. lvii, 18 ; xliii, 3 ; lxi, 1. Leighis 
ena h uile neach a bha euslan. Mata. viii, 16. 

Le bhi leigheas gach èucail chorporra thug Criosd seachad 
comharradh air à chumhachd 's air à ghràs, gu'm b'urrainn 
's gu'm bu mhiann leis uile èucailean spioradail ar n- 
anamannan a leigheas, a dh' aindeoin àn olcais agus an 
cunnairt. Uime sin, leig thu-fein gu buileach thairis fa 
chùram ; tha tuigse aigesan air do ghalar, agus ni e gu 
cinnteach d' aiseag gu fallaineachd. Tha e air mòran a 
lèigheas mar thà ; seadh, gach uile aon a dh' iarr riamh air 
e, shaor e o'n annmhuinneachd. Cha chomas dhuit gu 
bràth a bhi ann an cor tuille a's olc no truagh air a shon- 
san. Tha e do ghnàth toileach agus comasach furtachd a 
dheanamh. Mar is miosa do chor-sa, 's ann is mò a thruas- 
san agus fhoighidinn riut. 'S e à dhòigh-san, mu'n slànaich 
e sinn, a thoirt oirnn a làn-thuigsinn gu bheil sinn euslan, 
agus ar leòintean a dheanamh na's f arsainge 's na's f arsainge. 
Ach, a thaobh's gur ann an sin a's mo ar fèum air an 
lighiche, 's ann is dùrachdaiche 's fhèudar dhuinn aslach air, 
cuideachadh leinn, — agus air chinnte ceanglaidh e suas sinn 
a-rithisd, agus ni e ar leigheas ; cha'n ann mar chòmhlamh, 
ach uigh air 'n uigh ; gu trie — gu h-athaiseach, — ach gu 
h-iongantach, ach mu dheireadh, gu buileach ; oir leighisidh 
e gach uile ghalar eadhoin na galair a's do-leighise. 

An uair a thuigear gu maith an soisgeul (an deagh sgeul 
sin a thainig o neamh) agus a ghabhar gu dleasanach ris, 
casaidh e an cridhe 'an aghaidh gach uile pheacaidh, agus 
cuiridh e tur-stad air cead a bhi 'ga chleachdadh; agus aig 
an àm chèudna, bheir e foigh ro bheannaichte do chogaisibh 
leòinte na dream a ta 'nàm peacaich, le bhi mèudachadh àn 
dòchais agus àn dearbhachd gu'm faigh iad maitheanas trid 
an Fhir-tagraidh bheannaichte sin a ta againn far am bheil 
an t-Athair, eadhoin Iosa Criosd, am firean, a's e an iobairt- 
rèitich air son ar peacannan-ne ; agus cha n e sin amhàin, 
ach air son peacannan an t-saoghail uile. 1 Eoin ii, 1, 2. 



17 



Eolas air ar Slainte. 

Tha fios againn gu bheil againn togail o Dhia, Ugh nach cT - 
rinneadh le làrnhaibh, siorruidh anns na nèamhaibh, — oir 
's a' (bhothan) so tha sinn ag osnaich. 2 Oorint. v, 1, 2, 4. 

Is beannaichte an ni e, ar faotainn ag imeachd ann an 
slighe na slàinte, ach is nì e a's beannaichte gu niòr, fios a 
bhi againn gu bheil sinn ag imeachd innte, agus gu bheil 
gach ag agus eagal air an rèiteach air falbh, chum's gu'n 
dean sinn daonnan dol romhainn 'nar dian-shiubhal, ri 
h-aoibhneas anns an Tighearna, ar neart, ar bun, agus ar 
n-earbsa. 

Seadh, mata, a charaid, rinneadh am paiper so a sgriobh- 
adh air do shonsa, le fear a tha nise fad ioma bliadhna a' 
siubhal air an t-slighe gu Sion, 's e fo smuairein, 's fo gheilt 
nach d' amais e, ma dh' fhaoidte, air a chasan cheart, agus 
nach ruig e fadheòidh air a' ghloir shiorruidh. 

Ciamar, ma ta, a ta dearbh-FHios againn gu bheil togail 
againn o Dhia, — gu bheil còmhnaidh deasaichte dhuinne? 
còmhnaidh do'm faigh sinn gu cinnteach astigh, agus 'sam 
bi sinn gu bràch maille ris an Tighearna ? Am bheil thu 
'g osnaich anns a' bhothan thalmhaidh so — air son do pheac- 
aidh ? Am bheil fìor ghràin agad air a' pheacadh ? An 
dealaicheadh tu ris na'm b' urrainn thu ? An i naomhachd 
do'n Tighearna cion d' anma? Ciod ma's i, is cion fàth 
do'n nuadh-mhothachadh sin, a ta cho calg-dhireach 'an 
aghaidh na b' àbhaist dhuit, aon uair, fhaireachdainn ? A 
charaid, 's e èarlas air an Spiorad Naomh a ta ann. (2 Cor. 
v, 4. 5.) Cha deanadh tu gu bràth osna mu d' pheacadh 
mur biodh agad an èarlas bheannaichte so air an aoibhneas 
a thig ort 'nà dheigh. Am bu ghnàth leat a bhi mar tha 
thu 'n tra so ? 'S e 'n t-anam ath-nuadhaichte a mhàin a 
fhreagras — Cha b'eadh. Is dearbhadh beannaichte so agus 
culaidh-mhisniche dhuitsa, a cho-imiche do Shion, gur 
crèutair nuadh thu gu dearbh, aig a bheil mor-chòr air 
iobairt agus air fireantachd Chriosd, agus gur h-oighre air 
slàint' thu. 

Glac so mar flmrtachd agus mar shòlas, — gur h-èarlas e 
air Spiorad Dhè 'bhi 'g oibreachadh annad, iomagainn a bhi 
ort, fios do chor a bhi agad, agus leis a so gu'm faod thu 
dearbh-FHios a bhi agad gu'n deachaidh do shèuladh 'n ad 
oighre air glòir. (Galat. iv, 6, 7. ) Glac so mar fhurtachd, 
agus bi taingeil, agus cuimhnich nach fàg, agus nach diòbair 
Dia gu bràth iadsan do'n dean e aon uair à chùmhnant 
fhoillseachadh. Salm. lxxxix, 27-34 ; Eom. viii, 38, 39 ; 
Philip, i, 6. Rannsaich gach teagasg dhiu so. 



18 



Maitheanas Pailt. 

Trèigeadh an t-aingklh à shlighe agus an duine èacorach ti 
smuaintean, agus tilleadh e dh' ionnsaidh an Tighearna 
agus nì e trocair air ; agus dh' ionnsaidh ar Dia-ne, oir 
bheir e maitheanas gu pailt. Isa. lv, 7. 

A leughadair, — an duine aingidh thusa ? Amhairc, le 
h-ìoghnadh agus buidheachas, air an tròcair a ta ullaichte, 
eadhon air do shonsa ; agus cha'n e a-mhàin tròcair, ach 
Zcm-mhaitheanas à d' pheacaibh agus as d'eusaontais lion- 
mhor gu lèir, cia bith àn àireamh no àm meud. Ach, los 
coir fhaighinn air an àrd-bheamiachd so, fèumaidh tu do 
shlighean peacach agus do dhroch smuaintean a threigsinn, 
agus tilleadh ri Tighearna na beatha agus na glòire. Tha 
esan 'nà sheasamh, deas le pailteas gràis gu gabhail riut, 
agus e a' caomh-ghealltainn dhuit nach toirear air do 
pheacaibh iomradh. (Esec. xviii, 22.) 

Dùisg, mata, as do dhùiseal, agus tilg thu f èin aig casaibh 
Iosa ; grìos airsan à thrèun-chumhachd a ghnàthachadh gus 
do shaoradh o na peacaibh 's an fhusa leat tuiteam. 
Tagair à ghealladh fèin, — "nach tilgear a-mach neach sam 
bith (air a thruimead 's gam bi à chiont), a thig a chum 
Dhia tridsan." Cha chomas dhuit tuille urram a chur air 
na teachd d' à ionnsaidh, peacach mar thà thu, agus creid- 
sinn 'nà fhacal, a ta gealltainn, — "co air bith a chreideas 
agus a theid a bhaisteadh gu'n teàrnar e." Creid, mata, 
agus bi THUSA air do thèarnadh ; — ach cuimhnich mar an 
ceudna, — " esan nach creid gu'n teid à dhìteadh." 

Aslaich air an Tighearna e bhuileachadh ort feairt à 
Spioraid Naoimh feln, a naomhachadh d' anma, agus a 
dhearbhadh a' pheacaidh ort ; 's ann 'an sin (agus 'an sin 
a-mhàin) a mhothaicheas tu d' fheum air slànaighear, agus 
a dh' fhòghlumas tu meas a bhi agad air à luach, luach a's 
priseile leatsa na an saoghal gu h-iomlan. 

Thigeam, a Thighearna, dh'iarraidh do ghniiis, 
Dòirt orm frasan de d' ghràsa as-ùr ; 
mothaicheam m' anam le d' spiorad ath-nuadh, 
'S mo pheacadh air ionnlad 'am fion-fhuil an uain ! 



19 

Peacaich air an reiteachadh ann an 
Oriosd. 

Air an aobhar so tha mi Hiibadh mo glilim ri Athair ar 
Tighearna Iosa Criosd, air an sloinnear an teaghlach 
iomlan air nearnh agus air tltalamh, giCn deònaìcheadh e 
dhuibh, d reir saibhreas à ghloire fein, sibh a bhi air ur 
nearlachadh, d-c. Eph. iii, 14, 15, gu rann 21. 

Is ùrnaigh agus riaghailt so, a ta iomchaidh do mhinistear- 
an a glmàthachadh air son àn cuid coimhthional, agus do 
gach uile Chriosdaidh air à shon fèin : faodar a gnathachadh 
mar ùrnaigh làthail ; bu chòir à cur suas ann an creidimh, 
gun a bhi idir 'am beachd, gur tuille 's a' choir am fàbhar 
a ta sinn ag iarraidh. Ni Dia as ar leth gu h-anabarrach 
os ceann na's urrainn sinn iarraidh n'a thuigsinn. Ciod 
sam bith a dh' iarras sinn, bheir esan dhuinn tuillidh ; 
chionn, ged is peacaich sinn, gidheadh choisinn Iosa 
tiodhlacan air son pheacach. Agus do gach aon againn 
(7 rann) bheirear gràs à rèir tiodhlac Chriosd, chum's gu 
meal sinn gach ni gu saibhir, do bhrigh gu bheil Criosd 
saibhir ris gach uile neach a ghairmeas air. ! a Dhia, is 
tu ar n-Athair, air do rèiteachadh ruinn ami an Criosd : 
deònaich dhuinn, uime sin, cumhachd, mòr-chumhachd, a 
rèir saibhreas do ghlòire fèin, agus ni h-ann a rèir cumhainge 
ar cridheachan-ne ! Tha sinn 'am fèum mòr-chumhachd, 
chionn tha naimhdean trèun againn : neartaich thusa sinn 
le do Spiorad 's an duine 'an leth a-stigh. A Thighearna 
Iosa, còmhnaich thusa 'n ar cridheachan, agus deònaicii 
dhuinn gun gabh sinn frèumh ann ad ghràdh, chum 's gu'n 
gabh sinn tuille agus tuille eòlais air, agus gu'm bi e air a 
sgaoileadh air feadh ar cridheachan, agus gu'm bi sinn air 
ar lionadh le uile lànachd Dhè. 

Tha m 'osna riutsa, 'Dhia, gach lò, 

'S cha mhaoin no òr 'tha uam, 

'S ni 'm miannach learn an lèug a's soills' 

'S an Ear ri taobh nan cuan. 

'S iad fàitean beannaichte do ghràidh 
Tha soillseach' Phàrais shuas, — 
'S e maoin neochriochanach do ghràis, — 
Na tiodhlaic b'àill learn uat. 



20 



Fuasgladh o na peacaibh a chaidh 
seachad. 

Tha sinn air ar fìreanachadh gu saor le à' ghràs, tre 'n 
t-saorsa ta ann an Iosa Criosd, neach a slionraich Dia gu 
bhi 'na iobairt-rèite, trid creidimh 'na fhuil, a dh 'fhoitt- 
seachadh fhireantachd-san le maitheanas nam peacannan 
a chaidh seachad. Rom. iii, 24, 25. 

CiA milis na briathran so — "Tre ghràs (gun toillteanas) 
tha sibh air bhur saoraclh ! " Is tobar comhfhurtachd agus 
naomh shòlais so, a ta 'cur thairis ! Ach cia beag eòlais 
air na briathra sin a th'aig a' chuid a's mo de dhaoine faoin 
saoghalta, a ta fathast a' teaclid beò air na plaoisg ! Cia 
beag blàis a dh'fhairgh'eas ar cuid Chriosdaidhean fein- 
fhireanta, bèusail, air na f acail sin ! Ach ! cia sòghar an 
Ion a ni peacach truagh acrasach orra! Is ainneamh ni air 
a bheil aig sluagh cho beag tuigse agus eòlais, 'nà chumh- 
achd agus 'nà dhearbhadh, na tha aca air rùnaireachd 
fulangais agus bàis Chriosd air ar son-ne, agus air fireanach- 
adh trid creidimh annsan ; ged is e so pàras agus beòlaint 
nan creidmheach, agus an lèug a's buadh'ora a dh'aisig an 
t-Athleasachadh. — 'An àm a bhi labhairt air a' pheacadh, 
cha leòr idir cainnt agus dealbhaireachd m' à dheibhinn 
nach dean amhàin ach am mac-meamnuinn a bhualadh ; 's 
ann a dh' fheumas sinn leòintean bàsmhor a' pheacaidh 
[fhaireachdainn, trid am marbhar an fheòil, agus fèumar 
na leòin sin a leigheas le dearbh-bhuillean Chriosd. Cha'n 
eil ratliad sam bith eile air, — oir dh'innis Criosd e fein, — 
gur Esan an Rathad,—Ba\ Fhirinn, — agus a' Bheatha : (Eoin 
xiv, 6) nach tig neach chum an Athar ach tridsan : — gu'n 
toir Esan à bheatha airson nan caorach (Eoin x, 11), eadhon 
a' bheatha mhairionnach ; ag raclh (Eoin x, 28, 29), nach 
teid iad gu brath a dhith, ni mo is comas do neach an 
spionadh as a laimh fein, no a lamh an Athar. 'An so, a 
chomh-pheacaich — 'an so tha diongmhaltas diongmhalta da 
uair ; — agus sin air do shonsa — ma's àill leat gabhail ris. 
Gun deanadh an Tighearna deònach thu. 



21 



Truaighe gun Ohrich do na Neo-aithrich. 

Aig deireadh an t-saoghail, tlieid na h-Aingil a-mach agus 
dealakhidh iad na h-aingidh o na Jìreanaibh ; agus tilgidh 
sìad ìad do'n àmhuinn theine ; 'an sin bithidh caoidh agus 
giosgan fhiaclan. Mata. xiii, 49, 50. Marc ix, 44. 

Ged a tha iomadh earrann thaitneach anns an leabhran so, a 
thàladh no a tharraing pheacach a dh'ionnsaidh Chriosd, a 
mhealtainn à ghraidh mhathanaich, gidheadh, cha'n fhaodar 
a cMeith, gu bhèil truaighe shiorruidh a' feitheamh orrasan 
a dhiùltas an cuireadh gràsmhor. 

Is e run a' phaipeir so sauuis a thoirt do pheacaich 'an 
aghaidh a' bheachd mheallta sin a ta cho coitcheanta, 's e 
sin, — a chionn gu bheil Dia tròcaireach, nach dean e 
peanas air peacaich. 

"ThaDiaann an corruich ris an aingidh gach latlia." 
Salm vii, 11. Agus "ged a dh : iathadh làmh mu làimh, 
gidheadh cha teid an t-aingidh as gun pheanas." Gnathf. 
xi, 21. 

'S i so cainnt an Scriobtuir — focal Dhia, a ta 'toirt sanuise 
tròcairich do luchd-easaontais, gun bhuanachadh 'nan 
diarras, agus gun dùlan a thoirt do lasraichean IFE,INN. 

Thig, mata, a pheacaich ! Seall air an rabhadh so, agus 
seall ort fèin, agus thoir an aire nach eil thus* 'an cunnart 
dorainne siorruidh. Tog ort, agus mu'm bi e ro anmoch 
Iakr còir ANN an Criosd ; gabhaidh Esan riut ; cha'n e 
mhàin gu ro thoileach, ach gu ro aoibhneach, agus dubh- 
aidh e as d' uile pheacannan. 

Faodaidh gur h-e so an rabhadh mh dheirfadh a 
gheibh thu gu bràth ; gabh ris, mata, le d' chridhe 's le d' 
anam uile, chum's gu'm bi thu 'ad àithinne air do spionadh 
as an teine shiorruidh, Deanadh grad-ùrnaigh, air son 
gràis gach slighe pheacach a thrèigsinn, an dearbhadh a 
th' air d' inntinn an trà so, a leanailt ; agus biodh cinnt 
agad gu'n dean an Tighearna do chuideachadh agus do 
shaoradh, chionn saoraidh e gus a' chuid a's faide mach 
gach aon a thig d'à ionnsaidh trid Chriosd. 

Tha suil Dhia ort — Gabh rabhadh ! ! ! 



22 



Oumhachd Dhia. 

Tha searmonachadh a' chroinn-cheiisaidh, dhoibksan a theid 
a dhhth 'nà amaideachd ; ach dhuinne Ha air ar saoradh 
{dhoibhsan a chreideas) is Cumhachd Dhia e. 

An teagasg so, — a ta cho aon-fhillte 'nà nàdur, — cho 
mòralach 'nà fheairtean, — is amaideachd do dhaoine glic 
an t-saoghail so e — ach tuigear gu soilleir e leòsan a chreid- 
eas, — ach cha tuig dream sam bith eile e. Einn Dia 
roghainn de nithe amaideach an t-saoghail so a chur nan 
glic fo amhluadh, dream de nach eil mòran 'g àn gairm gu 
bhi 'niin oighreachan air glòir — thaobhs' gu bheil àm fèin- 
ghliocas agus àm fein-bheachd 'g an druideadh a-mach. 
Tha an leithidean-san ro àrdanach, 's cha'n fhiù leo teagasg 
a ghabhail o Dhia ; tha iàd tuille is glic a chreidsinn gu 
bheil fèum air an ath-bhreith, — uime sin tha àn sùilean 
dùinte air làn-dreòs an t-soluis nèamhaidh, ged a tha e 
dealradh le lainnir ghràidh agus thròcaire anns gach àite 
mu'n timchioll. Cha'n ann le deas-chainnteachcl dhaoine 
a thàrrar peacaich gu Dia, ach is an le amaideachd, (no le 
firinnean simplidh) an t-soisgeil, a shaorar anamannan. 
1 Cor. i, 21. 

! a charaid ! — cia bith thu, no cia bith inbhe 'ta thu 
'lionadh 'san t-saoghal, — ma's àrd no iseal thu, — bochd no 
beairteach, — èisd ri earail neach a chaidh a shaoradh o 
'n mhearachd bhàsmhoir so, agus a fhuair, gu sona, dearbh- 
adh gur h-e Criosd Cumhachd Dhè — gur h-e gach ni e do 
pheacach bochd, chum anam a leigheas, agus a dheanamh 
rèith ris an Dia bheò. 

Cia mòr, ma ta — cia mòr-luachmhor Criosd ; — cumh- 
achd, — neart Dhè!!! Criosd, ar saorsa, ar n-IoMA-LAN". 
1 Cor. i, 31. 

Cuimhnich — nach eil aig ar Tighearna gràsmhor-wc meas 
air pearsaibh no air buidhnibh seach a chèile (Mata. xii, 
46-50. Cniomn. x, 34, 35). Tha Criosd a' furan gach uile 
leis an gràdh Dia, agus leis am fuath am peacadh, — gach 
aon dinn, agus an leithidean sin aidichidh e air an la dheir- 
ionnach. (Mata. x, 32.) 

Rannsaich na Scriobturan, — chionn 's ann as an ionmhas 
nèamhaidh sin a thugadh gach uile earail, rabhadh agus 
misneach a tha anns an leabhrachan so — leabhran ris an 
d'rinn an Tighearna gabhail gu tròcaireach, agus a rinn e a 
bheannachadh gu bhi 'nà mheadhoin air na peacaich 'bu 
ghràineile ìompachadh, a ta nise air an deanamh leis-san 
'nàn oighreachan air a' bheatha shiorruidh. 



23 



Gradh Dhia. 

Oir ghràdhaich Dia an saoghal cho mòr agus gu'n d' thug e 
seackad 'aon-mhac fèin air à sgàth, chum 's cia bith neach 
a chreideas ann nach rachadh e 'dhith, ach gu'm jaigheadh 
e a' bhealha mhairionnach. Oir cha'n ann a dhiteadh an 
t-saoghail a chuir Dia a mhac d'a ionnsaidh, ach a chum's 
gu'n rachadh an saoghal a shaoradh leis. Esan a chreid- 
eas anns a' mhac, cha teid a dhiteadh. Eoin iii, 16-18. 

! naoh robh na briathran priseil sin air an tasgaidh gu 
caidreach, aig gacli am, ann ar cridheachan ! — ! gu'm 
b'ann orra a bhiodh ar smuaintean deirionnach trà oidhche, 
agus ar ceud smuaintean 'an àm dùsgadh 's a' mhaduinn ; 
agus b'-fhèarr gu'n deanamaid fèum dhiu air dòigh 's gu'n 
socraiclieadh iad ar leaba-bhàis ann am feasgar ar beatha, 
agus gu'm biodh cìunt againn èirigh le h-aoibhneas, maduinn 
na h-aiseirigh ! Agus ciod na smaointean a's beannaichte 
no a's aoibhniche 's urrainn a bhi air m' aire gach la na so: 
' ' Ghràdhaich Dia mise, eadhon mise f ein, an uair a bha 
mi 'm nàmhaid dha ; agus ghabh e a leithid de ghràdh orm 
agus gu'n d' thug e aon-Mhac air mo shon ?" Beannaich 
mi le creidimh ann an Criosd, an sin is leamsa Criosd, is 
leam gach uile nì (1 Cor. iii, 21); chionn esan nach do 
chaomhainn a mhac fèin, ach a liubhair suas e air ar son 
uile, ciamar nach toir e, maille ris-san, dhuinn, gach uile ni 
eile gu saor ? (S,om. viii, 32.) Cha cheadaich Esan gu 
bràth, bràth, do dh-anam creidmheach dol a dhith ; thug o 
'fhacal air sin. Is Esan a ta 'g radh 1 ' Cha teid mi dhith, 
cha ditear mi, " ach gheibh mi a' bheatha mhairionnach, 
ma chreideas mi. Air so togaidh mi, agus as earbaidh mi 
gus an uair dheirionnach, mar charraig nach gabh gluasad. 
Amen agus Amen. 

O, seinneadh an talamh 's na neamhan àrd, 

Air son a' ghràidh so, òrain chliù ; 

'S gach sluagh 's a chè, le teangaibh glèust 

Ard-sheinneadh sèis do Dhia nan dùl. 



Gras Dhe. 

Ach trè ghràs Dhe ta mi mar a ta mi. 1 Cor. xv, 10. _ Ath- 
ghinte, cha'n ann o shiol truaillidh ach neo-thruaillidh, le 
• facal Dhia. Mar naoidheanan air an ùr-bhreith, iarraibh 
bainne neo-tkruaillte an fhacail chum's gu'm beathaich e sibh. 
1 Phead. i, 23, agus ii, 2. 
Ciod a rinn an dealachadh iongantach eadar Saul am Phair- 
iseach agus Pol an Criosdaidh ? Rinn Gràs. Ciod a thug 
air saltairt air 'an t-seann fhireantachd a bh' aige 'thaobh 
an lagha, agus a bhi : g iarraidh bhi air ' fhaotainn ann am 



24 



flreantachd Chriosd ? Thug, — Gràs : gràs soillseach. Ciod 
anns am bheil am fìor dhealachadh a ta eadar an dù 
bhèusalaiche agus an dearbh Chriosdaidh ? Faodaidh 
giùlan bèusail a bhi far nach eil rnaoin de ghràs, no urad 
frènmhaig de naomh-chreidimh slàinteil ; faodaidh eagal 
roimh 'n Tighearna bhi ann, mar sparrar e le teagasg 
dhaoine, ach cha'n ann le teagàsg an Spioraid Naoimh. 
Faodaidh neach freasdal air riaghailtean a' chreidimh, — 
an aire 'thoirt do dh-eireachdas o'n leth-muigh, — ainm a 
bhi dha gu bheil e beò ged tha e marbh ; faodaidh àrd- 
aidmheil a bhi aige, agus aig an àm cheudna e 'nà choig- 
reach do chumhachd na Diadhachd. Faodar iomadh nì 
tlachdmhor agus cliùiteach o'n leth-muigh a dheanamh, 
gun aon bheothachadh gràis a bhi 's a' chridhe : leigear 
f hianuis so air Pol mu'n deachaidh iompachadh. Am bheil 
agamsa 'n am anam am bun'as so ris an abrar gràs ? An 
deachaidh mis' a ghin o'n t-siol neo-thruaillidh ? Am bheil 
bias leinibh le Dia agamsa ? An do bhlais mi gu 'm bheil 
an Tighearna gràsmhor? Ma bhlais, mata, iarraidh mi 
bainne neo-thruaillte an Fhacail. Is toigh leis an naoid- 
heachan glanbhainne nan cioch ; bithidh cion agamsa air 
bainne an Fhacail fhior-ghloin ; agus à uchcl sin an t-solais 
deòbhlaidh mi furtachd agus beathachadh do m' anam. 'S 
e gràdh an Fhirshaoraidh an cuspair taitneach a bhios do 
ghnàth air m' aire ; ni sin inntinneach a h-uile car ann an 
seirbhis Iosa, agus cuiridh e impidh orm m' fhèumalas a 
chian-sgaoileadh feadh slighe mo bheatha. Ni gràs Dhe 
ann an Iosa Criosd, mo bheachd fharsuingeachadh, mo 
chridhe 'chumail iriseal, agus bheir e orm an cliù ìocadh 
far an dlighear e. gu ma h-e gu'm fàs mi gach latha le 
bainne neo-thruaillte an Fhacail, agus gu'n àraichear suas 
mi chum na beatha mairionnaich. ! Amen. 



Trocair do Pheacaich. 

Iarraibh, agus bheirear dhuibh : siribh, agus gheibh sibh : 
buailibh an dorus, agus fosgailear dhuibh ; oir gach uile neach 
a dtiiarras, glacaidh e ; agus esan a shireas, gheibh e : agus 
dhàsan a bhuaileas an dorus fosgailear. Mata. vii, 7, 8. 

Esan a thig, mar pheacach, dh'ionnsaidh an Dè thròcairich, 
tre Iosa Criosd, a dh' iarraidh beannachdan na slàinte d'a 
rireamh, agus le ùrnaigh dhùrachdaich, a ni feitheamh agus 
buanachadh, thaobh's gu bheil à dhòchas 's an doigh so, 's 
cha'n ann 'an doigh sam bith eile ; — esan a dh'iarras bean- 
nachdan spioradail 's a' cheud dol amach, gun dàil, agus e 
cleachdadh nam meadhoinean òrdaichte gu lèir ; agus 
esan a bhuaileas, 's a ni feitheamh aig dorus na tròcaire, ag 



25 



cur roimhe gu'm faigh e 'stigh, no gu'm bàsaich e 'g a 
bhualadh — air chiniite theid leis. Tha au gealladh saor 
agus riochdail : Gach uile neach a dh'iarras, glacaidh e, no 
gheibh e. 

Air uairibh, glacaidh, agus gheibh aslachadh mar so, 
gabhail ris gun dàil ; — daonnan 's an am chòir : agus cia 
bith diù 's a bha bèus agus biùthas an luchd-aslachaidh 
roimhe so, cha bhac sin iad an t-sochair fhaotainn ; oir 
esan a dh' fhosgail an t-slighe air a bheil bealach aca, 'sea 
theagaisg dhoibh teachd oirre, agus diolaidh esan gu fial, 
agus cha mhaoidh e. 

" Fosgail do bheul gu farsaing," deir an Tighearna, 
"agus lionaidh mis'e. " Iarraibh fhad nl 's "aill leibh," 
arsa Criosd, agus nithear e. " Tha maitheanas ar peacannan 
uile, saor, buileach, siorruidh ; tha buaidh thairis air gach 
miann ; tha làthaireachd Dhia maille ruinn feadh an t- 
saoghail dhoilleir so ; tha à ghlòir a' dol seachad roimh ar 
sùilean agus a' dealradh 'near cridheachan ; tha stiùradh, 
dion, agus neart, sòlas neamhaidh fhad's is beò sinn, agus 
neamh fein an deigh dhuinn èug — tha iad sin uile aim an 
comas na h-ùrnaigh — ruigidh ùrnaigh orra uile ; — ruigidh 
SiNNE orra ; tha iad, mar gu'm b'e, uile 'g an cumail an 
àird fa chomhair ar sul, agus an sgriobhadh so a' dealradh 
orra gu leir — " Iarraibh agus gheibh sibh." — Tròcairean a 
chaidh a cheannach agus uidhimeachadh, a'feitheamh air 
an duine 'ni ùrnaigh. 

Chaidh an earrann so a dheanamh 'nà meadhon air 
boirionnach bochd a chur a dtiiarraidh an Tighearna. 
Dh' eug i toiseach an t-samhraidh 1836, ag èibhneas ann an 
gràdh na saorsa. 



Fior Aithreachas. 

Agus thubhàirt e r'a sheirbhiseach, gabh suas, a nise, agus amhairc 
rathad na mara. Agus chaidh e a dtiamharc, agus thuirt e, 
chd'n eil ni ann : agus thuirt e, Falbh a-rìthisd seachd uairean. 
1 Kigh. xviii, 43. 

Se uairean dh'amhairc òglach Eliah rathad na mara mu'm 
bu chomasach dha ni sam bith fhaicinn. An seachdamh 
uair chunnaic e neul nach bu mhò na à làmh ; gidheadh 
'an ceann bheagan uairean chòmhdaich an neul sin na 
speuran le dorchadas, agus an talamh le h-uisge. Ceart 
mar so f aodaidh tachairt do iomadh neach' n uair a bhios e 'g 
urnaigh ri Dia, mar rinn nighean Chàleb r'a h-athair. 
Breith i, 15. " Gus so cha d' thug thu dhomh còirach air 
cridhe tioram neo-thorrach, ach thoir an nise dhomh 
tobraichean uisge — beagan mothachaidh, no air a chuid a's 



26 



lugha, beagan bròin air son mo pheacannan. Qed nach toir 
Dia dhuit d'iarrtas, ma dh'fhaoidte, an deigh do ghlùn a 
lubadh se uairean, agus ged nacb faicear aig an t-seachdamh 
uair ach aon bhraon beag a' fliuchadh do shuile, — na caill 
do mhisneacb ; faodaidh gu'm brùchd fras as a' bhra&n sin; 
faodaidh toiseach an tòiseachaidh sin do cbridhe uile a 
leaghadb, mu dheireadb, 'nà uisge ; agus mar a ta làn 
aoibhneas ann air son gu'n iompaichear aon pheacach, 
faodaidh gu bheil a tbomhas fein de db'aoibhneas ann, air 
son aon bhraon a shileas peacacb aithreachail, no a's miann 
lei's a shileadh. 

Ged ghuidheadh tu cleich deichean uair 
Gun fhuasglad fhaotainn ann, 
Na sguir 's na fannaich, oir thig- buaidh 
Fadheòidh 'ni suas do chall. 

ClA SAM BITH THU Na SGUIE, GU BRATM DE BHI 'G URNAIGH. 

Thig beannachd gu cinnteach Mu dheireadh. 

Tha gealladb Chriosd fein agad a' nasgadh gu'n dean e 
so. Ciod sam bith a dh'iarras sibb ann am ainmsa gheibb 
sibh. Eoin xiv, 13. 



Chuir boirionnach og, a mhuinntir Rochester, earail air 
an ughdair, fios a leigeil air à buidheachas agus à clii\ do 'n 
Dia uile chumhachdach, air son gu'n d' rinn e, 'nà thròcair, 
an Earrann so 'nà beannachadh d'a h-anam-se. 



Aoibhneas air Neamh air sgath 
Pheacach Aithreachail. 

Tha aoibhneas ami am fianuis ainglean DM air sgath aon phea- 
caich a ni aithreachas. Luc. xvi, 10. Eiridh mi agus theid 
mi gu m' athair ; — ach 'n uair bha e fathast astak fad as 
chunnaic 'athair e, agus bha truas alge dheth, agus kuith e, — 
thuit e air a mhuineal, agus phogse e. Luc. xv, 20. Bha mo 
mhac so marbh, his tha e nise bed ; — AIK chall — agus fhuar- 
ADH e t ! 

Tha làn-mhisneach 'an so do gach uile pheacach truàgh, 
diobarach, seachranach, tilleadh a dh'ionnsaidh an Athar, 
—Dia. Faodaidh an truaill a's dii\tha fo chopan nan spèur 
gabhail ris an trocair a tha ' n Tighearna 'tairgsinn. Ann 
an cosamhlachd so a' mhic stròghail, tha caomhalas 'us 
truacantas an Tighearna gu ro àlainn 'g an cur an cèill agus 
'g an soillseachadh. (Faic Luc. xv, 11, gu crich a' 
chaibidil. ) 

A thaobh niiduir, tha sinn uile 'nàr struighearaai, agus 
bbitheamaid caillte gu siorruidh, murdeanadli gràs Dhiaar 
cridhe a thaisleachadh agus ar toirt gu cas-stol na tròcaire, 



27 



— chum ar n-Athair neamhaidh, a ta f eitheamh chum bhi 
tròcaireach, — a ta làn truacantais — làn gràidh. 

Thoir thusa deuchainn, a pheacaich bhochd, bhuairte, 
iomluaisgte, shàraichte, — thoir thusa deuchainn; — tilgthu 
fèin 'an làthair an Tighearna, agus mu'n urrainn thu idir a 
stol-coise a ruigsinn, aomaidh e riut, gu d' ghlacadh le 
righeachan à ghràis agus à ghràidh mhaitheanasaich. 

Tha aig sgriobhaich na h-earrann so dearbhadh sona air 
cumhachd gràidh an fhir-shaoraidh ; agus esan a bha aon 
uair fad as — mar uighe ceuma do bhi caillte gu sio.re.uidh, 
chaidh a nise (mar chuimhneachan air tròcair) à thoirt 
dliith trid fuil Chriosd, agus tha e 'na chomas am Fear- 
saoraidh a mholadh do dhiù nan diutha. 

Cha chomas dhuit a bhi air do mhealladh — no dhol 'am 
mearachd. A chaoidh cha bhris ar Dia gràsmhor-ne a 
chuilc bhruite, agus ni 'm mùch e an lion fo chaol-smùid. 
Is ro ionmhuinne leis ainm Iosa na gu'n diùlt e glaodh 
peacaich sam bith : (Eoin xvi, 23. ) Thoir thusa deuchainn 
agus is leatsa neamh. Gu'n tugadh an Tighearna dhuit 
misneach — neart, — agus creidimh, chum's gu'n rachadh 
d'anam a shaoradh, agus ainm-san a ghlòrachadh. Amen. 



Na h-Oighean Amaideach. 

Thuirt na h-òighean amaideach ris na h-òighean glice, Thugaibh 
dhuinne cuid d'ur n-ola, oir tha ar lòchrain air dol as. Ach 
fhreayair na h-oighean glice, JVi'n tabhair. Mata. xxv, 8, 9. 

Cha'n fhèumar a smuaineacheadh gu bheil a' h-uile neach 
a ta fo ainm Criosdaidh air à chiallachadh 'an so. 'S iad a- 
mhàin a ta air an ciallachadh, an dream a ta ri aidmheil 
chreideasaich air an t-soisgeul, agus a ta 'g àn giùlan fèin 
air chor agus gu bheil deagh mheas aig fior Chriosdaidliean 
orra, agus gu bheil iad mar sin a' faotainn a bhi 'nàn 
comunn. Bha còig glic agus còig amaideach de na deich 
òighean air am bheil ar Tighearna a' deanamh luaidh. Bha 
lòchrain aig na h-amaidean, ach cha robh ola-earalais aca 
'nàn soithichean chum àn glèusadh : 's e sin, bha aca direach 
urad de chreidimh 's a dh' f hoghainn gu sealladh sgèamhail 
a chur orra, ach cho robh an criclheachan gu fior air an 
naomhachadh, no air àn lionadh le naomh-chion le spiorad 
nuadh-ghineamhuinneach Dhè. Ach na h-òighean glice, 
'n uair a theann iadsan r'àn lòchrain fèin uidhimeachadh, 
bha ola deas aca gu'n lionadh. Ceart amhuil so, tha 'm 
fior Chriosdaidh daonnan deas air cheann gach tuiteamais, 
a dh'-aindheoin 's nach eil e (aim an coimeas), direach cho 



28 



furachair 's a thigeadh dha. Nach mòr an dùrachd, an 
dichioll, agus an dian-ùrnuigh leis an tigeadh e dhuinn 
sinn-fein a sgrùdadh, am bheil no nach eil sinn 's a' chreid- 
imh ! Nach ann duinn a thigeadh e, sinn a bhi fo fhiamh 
gu'm f aodar ar mealladh ann an cùis 's a bheil urad againn 
air chunnart, agus nach ruig sinn air a' bheatha mhairion- 
naich ! Cia durachdach an dèigh bu chòir a bhi againn air 
gliocas siorruidh, agus cia iarrtasach a bhi air ar faotainn 
fireanta ann amfianuis Dhia, seach a bhi taitneach ann am 
beachd peacaich chlaonbhreithich, thuiteamaich ! Cia 
uamhasach cor na muinntreach sin aig nach bi iarraidh air 
na nithe a bhuineas do shlàinte, gus an teid an t-àm 
seachad ; iadsan nach buail, gus an teid an dorus a dhruid- 
eadh ! Na deanamaidne, mata, mo chomhpheacaich, 
moille sam bith, ach bitheamaid gu durachdach a'deasach- 
adh air chionn na fèisde, agus bitheamaid do ghnàth air ar 
faicill, chionn cha'n fhios dhuinn an latha no anuaira thig 
ar Tighearna. 



Uisge na Beatha. 

Thigeadh esan a ta pàiteach ; agus co sam bith leis an àill, 
gdbhadh e de dh-uisge na beatha gu saor. Taisb. xxii, 17. 

Ma tha mothachadh agad air a' pheacadh, agus air easb- 
huidh nithean spioradail, agus ma tha togradh agad a bhi 
air do shaoradh tre ghràs, ged nach eil fhios agad gur h-e 
cumhachd dhiomhair Chriosd a tha 'g ad dheanamh togar- 
rach, gidheadh ma thà pathadh ort agus togradh agad, — 
tha 'an so cuireadh agad. Na bi 'cur breislich no breathaill 
ort fein le 'n leithid so de cheistean, — "Am bheil mis' air 
mo thaghadh ? Am bheil còir agamsa ? Am bheil mi deas ? — 
ach gèill do'n chuireadh, agus gabh maitheanas, sith, firean- 
tachd, agus a h-uile beannachd shoisgeulach mar shaor- 
thiodhlacan do'n fhèumach. Na'n tugteadh cuireadh gu 
fèisd do neach 'an comhair bàsachadh le pathadh 's le h- 
acras, agus dearbhadh gu'm b'e a bheatha, agus nan seasadh 
è 's an iomadan ag radh, A bheil còir agam ? An airidh 
mi ? — nach measteadh 'nà stuachdaiche dha, e bhi mar so a' 
moit, agus an èiginn cho cruaidh a' cur air, agus bord làn 
m'à chomhair ? Tha cuireadh aig na daoine sgithe, aig na 
h-acraich, aig na pàitich, aig na neo-thoilltinnich, aig ria 
diutha, creidsinn ann an Criosd, a thainig a dh' aon obair a 
thèarnadh pheacach ; agus a thug dearbhadh dhoibh 'nà 
fhacal, nach dean e iadsan a thig d'a ionnsaidh mar so, "a 
thilgeadh air chor sam bith a-mach." 



29 

Tha 'n Spiorad, anns an Fhocal, 
A' gairm, 's 'na obair chòrr, 
"Gu sruth na beatha thigibh 
Agus togaibh leibh na's leòir." 
Esan a ta pàiteach 
'S nach urra 'chràdh a chasg, 
Thigeadh e, 'us tàirngeadh e 
A shàth de shlàinte as. 
Esan leis an aille e, 
' S e làn dith-bheatha òl 
A sruthan mear na slàinte, 
Gun airgiod is gun òr. 



Rabhadh Athair. 

JEisdibh, a chlann, ri teagasg Athair ; agus aomaibh a ghabhail 
eòlais air tuigse, Gnathfh. iv, 1. Tha sinne a' labhairt an ni 
a's aithne dhuinn, agus d toirt fianuis air an ni a chunnaic 
sinn. 1 Eoin iii, 1. A mhuinntir ghraidh, na creidibh gach 
uile spiorad ; ach dearbhaibh na spioraid, an ann o Dhia iad. 
1 Eoin iv, 1. 

Co sam bith thu, a lèughadair, a thig chum an leabhrain so 
a dh 'iarraidh eòlais no teagaisg, gabh ris na comhairlean 
so 'leanas — comhairlean a dh' fhàs à fad-dhearbhadh, à 
fad-bheachdachadh : 's ann air sgàth do leas spioradail a 
tha iad ; ma ghabhas tu riutha, cuiridh iad air d' fhaicill 
thu romh mhearachdan, agus bheir iad dhuit dearbh-bhlas 
air sith shoisgeulaich, agus air gaol an Fhir-shaoraidh. 
Biodh do bheatha naomh. Cum faire air do thograidhean, 
air do ghiulan, agus air do chainnt, air chor's nach cràid- 
hear spiorad an Tighearna, agus nach toirear air falbh 
'fheairtean sòlasach as d'anam. Bi deas chum gach deagh 
oibre, à reir do chomais agus do chothrom : agus thoir aire 
àraidh nach labhrar gu h-olc mu d' mhaith, a thaobh an 
t^siùil air an dean thu e. Na tugadh seirbhis leth-iomal- 
lach sam bith, d'ad thaobh fein no a thaobh muinntir eile, 
ort dearmad a dheanamh air sior aire thoirt do ghluasadan 
do chridhe fein o'n leth a-stigh. Biodh facal sgriobhta 
Dhè 'nà riaghailt neo-chaochlaideach dhuit araon ann an 
run 's ann an cleachdadh. Cia bith leanmhuinn nach 
adhartaich urram an Fhir-shaoraidh, agus nach dean à 
ghràs, 'obair, agus a shlàinte àrdachadh, bi cinnteach nach 
ann uaithesan a ta g ur gairm i. Bi dian-iarrtach air 
macantas, irioslachd, foighidinn, fèin-àicheadh, naomhachd 
inntinne, agus air uile ghràsan eile an spioraid : tha iad 
sin ag iomchar am fianuise fein, agus 's e Dia ata g'an 
oibreachadh, agus leanaidh iad riut 'nan toradh gu sior- 
ruidh buan. 



30 



Luchd Leanmhuinn air Criosd. 

Lean mise. Luc. v, 36. Agus fuiling cruaidh-chas mar dheagh 

shaigdear le Criosd. 2 Tim. ii, 3. 
Am b'àill leat Criosd 'leantuinn ? Na'm beadh, lean e ann 
am fèin-àicheadh, ann an irioslachd, ann am foighidinn, agus 
ann an ullamhachd air son gach deagh oibre. Lean e agus 
crann-ceusaidh gach latha air d'iomchar, agus amliairc air 
a clwann-stm chum 's gu'n aotromaich d'eallach. Lean e 
mar d' iùlair agus do dhionair, agus ionnsaich lèursainn le 
lèursainn-san, agus earb do dhion r'a ghàirdean-san. Lean 
e mar Charaid nam Peacach a shlànaicheas an cridhe briste, 
's a bheir fois do na h-anamaibh sgithe, agus nach tilg a-mach 
a h-aon a thig oVd ionnsaidh Lean e le creidimh, a leigeil 
do thaitneachduinn am fianuis Dhe", agus do chòire air 
neamh, gu h-iomlan 'an taice r'a fhuil thoilltinnich, agus 
r'à fhìreantachdsan a-mhain. Fadheòidh, Lean e le mòran 
ùrnaighean. Chionn ged tha e làn truacantais, is toil lets 
mòran impidh a chur air, agus an uair a chuireas e roimhe 
beannachd a bhuileachadh, feumaidh tu fathast gleachd ris 
air à son. Biodh deagh mhisneach agad, — bilàidir amis an 
Tighearna ; chionn is esan" cuideachadh nan diobarach, — 
dòchas nan èudòchasach, — slàinte nan euslan, — neart nam 
fann, — saibhreas nam bochd, — sith nam muinntir a ta fq 
bhuaireas, — agus solas nan treachlach, — solus nam muinn- 
treach a ta 'an dorchadas, — còmpanach nan creachta, — caraid 
na droinge gun chàirdean, — slighe nan iomrallach, — gliocas 
nan amaideach, — fireantachd nam mi-dhiadhaidh, naomh- 
achd nam mi-naomha, — saorsa nan ciomach, — aoibhneas nan 
tùrsach, — agus, ann am facal, slàinte nan daoine caillte. 
O mata, lean Criosd, agus treoìrichidh e thu gu glòir. 

Chum Criosd a leantuinn, is èudar dhuinn a bhi a' ghnàth 
chlèachdadh uknaigh. Ni dearmid air iirnaigh glamlias fhos- 
gladh, a ghrad lionar le peacadh, agus ann sin leanaidh sinn 
Satan. 

Tha aon ni Feumail. 

'S e so a thuirt an Tighearna Iosa ri Marta, agus le dearbh 
choir faodar a chàradh ris gach anam a tha gun suim (cia 
bith meud à stòrais shaoghalta), de 'n aon ni fhèumail so, 
ris am bheil sonas siorruidh gach neach 'an crochadh seilbh 
fhaotainn air : chionn ged bu le duine an cruthachadh 
iomlan, agus gun chòir aige air an aon ni, bhiodh e mar 
eaglais Laodicòa, truagh, ànrathach, bochd, dall, agus 
lomnochd. Ann an Criosd tha uile ionmhas a' ghiiocais 
agus an eòlais 'an tasgaidh ; annsan tha againn seilbh air 
maith aimsireil agus siorruidh ; oir is esan an t-iomlan, agus 
tha e 'na thasgaidh iomlan do'n chreidmheach. ! a leugh- 
adair, ciod sam bith eile tha dhìth ort, bi curamach gu'm 



31 



hi còir agad air an aon nifhèumail: tha d'iomlan siorruidh 
'an earbsa ris. Ma tha thu mothachail air d' fheum air a' 
bheannachd so, agus deo-mhiann agad air à mhealtnin, rach 
gu Iosa. Tha e a' cuireadh do leithid ; agus bheir se e-fein 
dhuit gu saor, gun airgiod gun luach ; chionn b'i a thoil gu 
gràsmhor a ghealltuinn — "Esan a thig CHA tilg mi air 

CHOR SAM BITH A MACH." 



Feumaidh sibh a bhi air bhur n-ath- 
bhreith. 

Gu deimhinn deimhinn deiream Hut, Mur beirear duine a rithisd, 

nach urrainn e Hoghachd Dliè fhaicinn. Eoin iii, 3-7. 
Tha so gu soilleir a' taisbeanadh nach dean lorn aidmheil 
air Criosd fèum. Cha'n fhoghainn ni sam bith ach dearbh- 
sheilbh airsan amis a' chridhe, trid creidimh. Agus mu'n 
comas dhuinn ruigsinn air so, feumaidh gu'm fairich ar 
cridhe athnuadhachadh trid spiorad Dhè. Feumar ar 
treòrachadh gu nàdur sgreataidh a' pheacaidh agus na 
thainig 'nii lorg fhaicinn, agus bheir so oirnn fuath agus 
gràin a thoirt dha. Feumar ar breth o'n spiorad. Earaileam 
ort a cheist theann so a chur ort fein. An d' rugadh mise 
a-rithisd ? Am bheil toil agad a bhi fiosrach am bheil thu 's 
a' chor so ? Rannsaich thu fein a rèir mìneachadh an abstoil 
air an teagasg, 2 Cor. v, 17. Ma tha duine sam bith ann an 
Criosd is creutair nuadh e: dh\fhalbh seann nithean : feuch 
chinn gach ni nuadh. An creutair nuadh thusa ? An d' 
fhalbh na seann nithean agus an d' fhàs gach ni nuadh ? 
Am bheil rùintean ùra 'g ad ghluasad, agus thu cuimseach- 
adh air criochaibh nuadh ! Am bheil am peacadh gràineil, 
agus naomhachd taitneach ? Am bheil Criosd priseil ? Am 
miann leat a mhealtuinn agus a bhi comhuil ris ? Am bheil 
thu iomaguinneach à ghiòrachadh le d' chorp agus le d' 
spiorad a's leis f èin ? Ma tha, faodaidh tu a' cheist a fhreag- 
airt agus a ràdh, chaidh mise ath-breith. 

Bheir an ur-bhreith dhuit ùr-iarrtais, ùr-aignean, agus ùr- 
shòlais. An t-anam ath-ùraichte mar so, seallaidh e air 
'ais le mor-iongantas air fad-fhulangas agus trocair Dhia, 
'n uair bha e 'an ar-amach 'nà aghaidh, agus bi'dh ioghnadh 
air cionnus nach deach à thilgeadh amach do thruaigh 
shiorruidh. Bi'dh an cridhe nise lionta le mianna naomh, 
agus le sior-chion air Criosd, agus iadsan anns an d'oibrich 
an_t-ur-rim beathail so 's an taobh a-stigh — faodaidh iad a 
bhi cinnteach gu'n do chuir an Tighearna shèula orra gu 
siorratdh ! ! Cha chomas do ni air bith iadsan a sgaradh 
o à ghràdh gun chaochladh-san. Gu'n tugadh an earrann 
so dòchas agus comhf hurtachd do gach anam ata f o dhiob- 
hail misnich. 



La a Bhreathanais. 



Fèumaidh sinn uile teachd' an làthair cathair bhreathanais 
Chriosd. 2 Cor. v, 10. 
Agus am bheil luchd-fanoid ann, ata gu cutkaich a' lean- 
tainn an anamianna fein, agus ag cur 'an teagamh nach tig 
an Tighearna ? Tha 'n uair a' dlùthachadh anns nach bi aig 
Eas-creidimh tuille teagamh : " Tòirleumaidh an Tighearna 
fein à neàmh le h-iolaich, le guth an Ard aingil, agus le 
trompaid Dhè." Nach iad peacaich a mheathas as, agus a 
bhios f o gheilt 'nàn ionada f alaich, an uair a thaisbeanar am 
Breitheamh, ann an làthair gach neach, air a mhòr-chathair 
ghil, agus a chìtear nèamh agus talamh a teicheadh roimh 
'fhianuis ! 'Nà làthair seasaidh sliochd iomlan an duinne, 
beag agus mòr : agus theid a dhearbhadh, le teisteas Dhe 
agus le fìanuis an cogaise fein, theid à làn dhearbhadh, agus 
à chur an ceill gu follaiseach ciod an sluagh a bh'annta, agus 
ciod a chuir iad an gniomh. An sin gairmear 'nan aghaidh 
a' bhinn chothromach, dho-atharrachaidh, dò'n torraicheas 
siorruideachd : peanas siorruidh air na h-aingidh ; gheibh 
na fireanaich a' bheatha mhairionnach. Smuainich, 
smuainich ciod an sgrios ata 'n crochadh os do cheann, a 
pheacaich dhiarrasaich ; ' ' oir f euch tha e a tighinn le 
neulaibh, agus chi gach sùil e ; iadsan mar an ceudna a lot 
e agus uile chinnich aingidh na talmhainn ni iad caoidh d'a 
chionn." 'S e nise 'n t-àm taitneach, 's e 'n diugh latha na 
slàinte ; a nise gabh ris mar an slànuighear a ta 'd thairgse, 
mar do shlanuighear uile-fhoghainteach ; agus mar sin 
theid gu siorruidh do liubhairt uaithe mar do bhreatheamh 
feargach. 

Tha latha uamhasach a' teachd, 

'S an toir am Mac air bheò 's air mhairbh 

Ceart bhreth ; a pheacaich, ciamar ni 

Thu teachd a dh 'ionns' an ditidh ghairbh 

A thoilleas tu air son do ghniomh ? 

O iarr anis' an tròcair chaomh 

A bheirear dhuit, gu toileach luath, 

Mu'n loisg am breitheamh suas an saogh'l ! 

DEASAICH GU TACIIAIET RI D' DHIA ! 
Chaidh ceud agus tri fichead mile de'n leabhran bheag 
so a chlo-bhualadh mar thà : agus, buidheachas do Dhia, 
chaidh iomadh truaghan peacach a thoirt do nèamh leis a 
bhuaidh a chuir gràs an Tighearna ann an iomadh earrann 
deth ri linn do pheacaich a bhi g' a leughadh. ! gu'n 
deanadh e tuille dheth sin ; nà àm agus 'na dhòigh mhaith 
fein, gu h-àraidh a-measg nan daoine neo-churamach do'n 
cainnt a Ghaìlig, de 'm bheil mòran fo theagasg aodhairean 
neochuramach mi-dhiadhaidh ! — Amen. 



LIST OF GAELIC BOOKS 

PUBLISHED BY M AC LAC H LAN & STEWART, EDINBURGH, 

SOLD BY 1 

GEOR G E G A L LIE & SON, 

99 BUCHANAN STREET, GLASGOW. 

M'Alpine's Gaelic and English Pronouncing Dictionary, with Gram- s. d. 

• mar, 12mo, cloth, . . . . . . . .90 

Alleine's Alarm to the Unconverted, . . . . .16 

Baxter's Call to the Unconverted, ISmo, cloth, . . . . .16 

Saint's Rest, translated hy Rev. J. Forbes, . . . .26 

Boston's Fourfold State, 12mo, cloth, . . . . ..40 

Buchannan (Dugald) of Rannoch's Life and Conversion, with his 

Hymns, 18mo, cloth, . . . . . . .20 

Bunyan's Come and Welcome, 18mo, cloth, . . . . .20 

World to Come, or Visions from Hell, cloth, . . .16 

Grace Abounding, ISmo, cloth,, 2 

i Pilgrim's Progress (three parts), cloth, . . .26 

Water of Life, cloth, ' 10 

Sighs from Hell, ISmo, cloth, . . . . . .20 

Heavenly Footman, ISmo, cloth, . . . . ..10 

Burder's Village Sermons, 18mo, cloth, .16 

Confession of Faith, fcap. Svo, cloth, . . . . . ..26 

Dewar's (Rev. Dr.) The Gaelic Preacher, 8vo, 4 

Doddridge's Rise and Progress, 12mo, cloth, '30 

Dyer's Christ's Famous Titles, ISmo, cloth, 2 6 

Earle's Sacramental Exercises, ISmo, cloth, . . . . .16 
Gael (The), a Monthly Gaelic Magazine, bound in cloth, 1873-76, each, 7 6 

Grant's (Rev. Peter) Hymns, ISmo, cloth, .16 

Guthrie's Christian's Great Interest, 18mo, cloth, . . . .20 

Hall's (Newman) Come to Jesus, 6 

James' Anxious Enquirer, 12mo, seived, . . . . . .10 

Joseph, Life of, by Macfarlane, 18mo, cloth, 16 

Laoidhean Eadar-Theangaichte o'n Bheurla, cloth, . , . .06 
Logan's The Scottish Gael, or Celtic Manners of the Highlanders, 2 vols, 28 
M'Alnine's Gaelic Grammar, 12mo, cloth, . . . . . .16 

M' Valium's History of the Church of Christ, Svo, . . . .40 

Macdonald's (Rev r . Dr.) Gaelic Poems, cloth, . . . . .26 

M 'In tyre's (Duncan Ban) Poems and Songs, with an English Transla- 
tion of " (Joire Cheathaich " and " Ben Dorain," ISmo, . 2 
M'Intyre (Rev. D.) on Antiquity of the Gaelic Language (in English), 1 6 
Mackenzie's (A. ) History of Scotland, Eachdraidh na H- Alba, 12mo cloth , 3 6 
Mackenzie's Beauties of Gaelic Poetry, royal 8vo, . . . . 12 

Macleod, Rev. Norman, Caraid nan Gaidheal, 8vo, half bound calf, . 18 
M'Lauchlan, The Book of the Dean of Lismore, Svo, .' . . .76 
M'Lauchlan's (Rev. Dr.) Celtic Gleanings (in English), fcap. 8vo, cloth, £ 6 

Munro's Gaelic Primer and Vocabulary, 12mo, 2 

Ossian's Poems, revised by Dr. M'Lauchlan, cloth, . . . .30 
Philipps' Seven Common Faults, translated by Rev. H. Maccoll, 12mo, 1 
Psalm Book, large type, ISmo, bound, gilt edges, . . . .26 

Do. do., ISmo, cloth, 10 

Do. Smith's or Ross's, large, type, ISmo, bound, . . . .20 

Do. Gaelic and English, on one page, . . . . . .16 

Smith's, Dr., Sean liana, with English Translation and Notes, by C. 

S. Jerram, . . .26 

Stewart's Elements of Gaelic Grammar, New Edition, crown Svo, cloth, 3 
Sum of Saving Knowledge, 12mo, sewed, . . . . ..04 

New Testament for Schools, 12mo, bound, 10 

Job «o Ecclesiastes, 12mo, bound, , . .06 

PV( >verbs of Solomon, 8vo, seived, . . . . . ' ". .02